Diofar mòr ann an astaran a' bhuinn-leathainn

  • Air fhoillseachadh
CoimpiutairTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dragh gu bheil daoine air an cuingealachadh ann an cuid de sgìrean le cho truagh 's a tha am bann-leathann

'S iad Arcaibh, Sealtainn agus Earra-Ghàidheal 's Bòd na sgìrean as miosa ann an Alba a thaobh astar a' bhuinn-leathainn - a rèir sgrùdaidh a rinn a' chompanaidh Which?

Rinn iad sgrùdadh air a h-uile sgìre chomhairle ann an Alba feuch dè cho luath 's a bha am bann-leathann aca.

'S ann ann an Siorrachd Dhùn Bhreatann an Iar, Inbhir Chluaidh agus Dùn Dè a bha an t-seirbheis a b' fheàrr.

Ann an Arcaibh ge-tà, chan fhaighear ach 3 megabit gach diog, ann an Sealtainn 6.7 Mb, agus 7 Mb ann an Earra-Ghàidheal 's Bòd.

Bha cùisean na b' fheàrr ann an sgìre na Gàidhealtachd agus anns h-Eileanan an Iar, le 8.9 Mb agus 11.5 Mb gach diog.

"Dùbhlan"

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil e na dhùbhlan bann-leathann luath a sgaoileadh a-mach gu na sgìrean dùthchail, ach gu bheil adhartas math ga dhèanamh.

Thuirt Ailig Neill bho Which?, le cho riatanach 's a tha an t-eadar-lìon airson gnothaichean làitheil, gum feum seirbheis mhath a bhith ri fhaighinn air feadh na dùthcha.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh