Àrdachaidh pàighidh do bhreabadairean

Dh'aontaich breabadairean a' Chlò Mhòir ri àrdachadh pàighidh de thrì sa cheud airson na bliadhna a tha romhainn. Tha iad ag ràdh gu bheil coltas ann gu bheil an gnìomhachas ann an sunnd math an-dràsta ged nach eil cùisean cho trang sa bha iad bho chionn dhà no thrì bhliadhnaichean. Thuirt iad cuideachd ge-tà gu bheil mì-chinnt ann mun bhuaidh a bheir Brexit air a' ghnìomhachas. Seo Aonghas Dòmhnallach ...