Fuasgladh air cùis fireannaich leòinte an Gallaibh
- Air fhoillseachadh
Dhearbh na Poilis nach eil dad amharasach mu dheidhinn na thachair do dh' fhireannach a fhuaireadh agus e air a dhroch ghoirteachadh faisg air creagan ann an Gallaibh.
Chaidh am fireannach a lorg faisg air creagan eadar Inbhir Theòrsa agus Sgrabastair Là na Sàbaid 16mh dhen t-Sultain 2018.
Chuir na poilis iomairt mhòr air chois feuch dè dìreach a thachair dha.
Thug iad sùil mhionaideach air dealbhan CCTV.
Thuirt an Det. Insp Scott MacDhòmhnaill nach eil sian amharasach mu dheidhinn na thachair.
Dh'innis e gur e a bh'ann an seo ach tubaist agus gun do thuit an duine.
Thug e taing dhan phoball airson an cuideachadh a thug iad dhaibh a thaobh na cùise.