Dragh air croitearan mu Bhrexit
- Air fhoillseachadh

Chuala coinneamh am Pàrlamaid na h-Alba oidhche Chiadain gu bheil mì-chinnt mu Bhrexit a' cur bacadh air croitearan an stoc aca a leasachadh.
A' bruidhinn aig Buidhinn Thar-Phàrtaidh na Croitearachd aig Holyrood, thuirt àrd-oifigear Caidreachas na Croitearachd, Pàdraig Krause, gu bheil cion soilleireachaidh mu phoileasaidhean àiteachas às dèidh Bhrexit na dhragh.
Dh'innis Mgr Krause gu bheil rannsachadh a rinn an SCF am measg am ballrachd air sealltainn gu bheil iomagain am measg chroitearan.
Thuirt e gu bheil mì-chinnt a' fàgail nach eil croitearan a' cur ris na th' aca de stoc, is gu bheil cuid a' cur stuic bhuapa.
Thuirt e gur e suidheachadh neo-àbhaisteach a tha sin aig an àm seo den bhliadhna is gu bheil e cinnteach gur e suidheachadh Bhrexit as coireach.
Taic
Bha BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan bhon SNP, cuideachd an làthair aig a' choinneimh.
Dh'innis esan gu bheil Riaghaltas na h-Alba ag obair le croitearan gus am bi taic ann dhaibh às dèidh Bhrexit.
Thuirt e gu bheil sin doirbh is mì-chinnt ann mun t-suidheachadh.
Chaidh am BPA Tòraidheach 'son na Gàidhealtachd is nan Eilean, Dòmhnall Camshron, às àicheadh gu bheil am pàrtaidh aige air bùrach a dhèanamh de Bhrexit.
Thuirt an Camshronach gur e suidheachadh doirbh a th' ann is gu bheil iomagain air fhèin mun bhuaidh a bhiodh aig Brexit gun aonta air àiteachas.
Thuirt e ge-tà, gu bheil e misneachail gun tig aonta.