Mì-chinnt mu bhuaidh Bhrexit

Tha a' mhì-chinnt mu Bhrexit a' toirt air croitearan gun a bhith a' feuchainn ris an stoc aca a leasachadh - gu dearbha 's ann a' gearradh air ais a tha tòrr dhiubh.

Sin a thuirt àrd-oifigear Chaidreachas na Croitearachd, Pàdraig Krause, aig coinneimh ann an Holyrood a-raoir.

Thuirt e nach eil e soilleir dè an seòrsa poileasaidh àiteachais - Albannach neo Breatannach - a bhios ann an dèidh Brexit.

Bha am fear-naidheachd poileataigeach againn Darren Linc aig a' choinneimh.