£2.185m 'son Seach-rathad an t-Sròim
- Air fhoillseachadh

B'fheudar Seach-Rathad an t-Sròim a dhùnadh iomadach turas air sailleamh chreagan is spruilleach a' tuiteam sìos air.
Dh'aontaich Comhairle na Gàidhealtachd £2.185m a chosg air obair-càraidh cloiche air Seach-rathad an t-Sròim feuch an deanar cùisean nas sàbhailte do dhràibhearan.
Chaidh obair, luach còrr is £1m, a dhèanamh air an A890 ri taobh Port an t-Sròim an-uiridh leis gun robh an rathad fo chunnart gun tigeadh clachan mòra sìos bho na creagan os cionn an rathaid 's tha e air bhith dùinte iomadach turas thairis air na bliadhnaichean nuair a thachair a leithid.
Chaidh an obair a dhèanamh thairis air trì mìosan as t-fhoghar ach thàinig e am follais aig deireadh seo gun robh fhathast dà àite ann a bha cho cugallach is gun robh iad air am meas 'cunnartach aig fìor àrd-ìre'.
Aig an àm sin thuirt a' Chomhairle gun tigeadh iad air ais as t-earrach, ach 's ann an-dràsta a thathas air aontachadh an t-airgead a bharrachd a chosg air a-mach à buidseat na Comhairle - le dùil tòiseachadh air an obair às dèidh àrd-sheusan na turasachd as t-fhoghar sa tighinn.
Caitheamh airgid
Ach a-rèir fear de chomhairlichean Taobh Siar Rois, Derek MacLeòid, chan eil Comhairle na Gàidhealtachd ach a' caitheamh airgid le a bhith a' feuchainn ri Seach-rathad an t-Sròim a dhèanamh sàbhailte 's gum bu chòir coimhead air freagairt maireannach a leithid drochaid timcheall.
Chosgadh sin na milleanan mòra, ach a-rèir Mhgr MhicLeòid,'s e as fheàrr na bhith a' cosg na tha ga chosg air gach bliadhna.
"Cò aig a tha fios dè chaidh a chosg air an rathad thairis air an 20 - 30 bliadhna a chaidh seachad, agus fiù 's aig a sin, cha bhi e na shlighe seasmach gu bràth.
"Tha cuideam ann 'son coimhead air freagairt a tha a' dol a bhith maireannach".
Fuasgladh
Cuiridh a' Chomhairle buidhean-obrach air chois airson feuchain ri lorg fhaighinn air an ionmhas a tha a dhìth airson fuasgladh maireannach.
Ach, a rèir cuid de na comhairlichean air a' bhuidhinn, 's e rathad a tha seo nach bu chòir idir a bhith an urra ris a' Chomhairle, agus gu bheil làn thìde aig Còmhdhail Alba uallach a ghabhail airson an rathaid mar 'Phrìomh Rathad' tron sgìre.
Thuirt an Comh. MacLeòid gu bheil dleastanas air ministearan na h-Alba ath-sgrùdadh a dhèanamh air prìomh rathaidean na dùthcha, agus cha deach sin a dhèanamh a rìamh air an rathad seo, a dh'aindeoin 's gu bheil e air fàs gu math nas trainge thairis air na bliadhnaichean a chaidh seachad.
"Tha a' chuid as motha den trafaig bho na h-Eileanan an Iar a' cleachdadh na slighe seo - Rathad a Tuath mar a channas iad ris - agus tha còir ath-sgrùdadh ceart a dhèanamh air".
Chan eil Mgr MacLeòid na aonar dhen bheachd gum bu chòir ceannardan na Comhairle cuideam a chur air an Riaghaltas an rathad a thoirt a-mach a làmhan na Comhairle.
Ach thuirt Còmhdhail Alba nach robh càil a dhùil acasan gun tachradh seo.