Ionmhas 'son slighe baidhseagail ùr dhan Eilean Sgitheanach
- Air fhoillseachadh

Bidh an t-slighe ag amas air muinntir an àite a bhios a' siubhal a dh'obair agus cuideachd air luchd-turais agus daoine a tha airson cuairt a ghabhail air a' bhlàr a-muigh.
Chaidh £54,000 a thoirt do phròiseact 'Skye Cycle Way' feuch an tèid aca air an t-seann A87 eadar Caol Acainn, agus an t-Àth Leathann a leasachadh mar shlighe baidhseagail.
'Se a' bhuideann chathrannais Sustrans a thug dhaibh an t-airgid agus thèid a chosg air sgrùdadh a dhèanamh air eigeòlas na sgìre, dòighean-einnsinniridh agus mar a tha an trafaig ag obair, airson an dòigh as fhèarr airson am proiseact a thoirt air adhart.
Thuirt fear-labhairt Skye Cycle Way, Andy Neilson gu bheil a' choimhearsnachd air a bhith gu mòr an sàs anns a' phròiseact.
"S e an t-amas againn gum bi daoine ga chleachdadh 'son faighinn a dh'obair, can aig an ospadal ùr anns an Àth Leathann, agus an ionad-giollachd a chaidh a thogail ann an Caol Acainn, no fiù s dìreach a bhith a' tadhal air càirdean is caraidean.
Moladh
"Tha Companaidh Coimhearsnachd an Àth Leathainn agus an t-Sratha air a bhith ag obair air a' phròiseact seo 'son 15 bliadhna agus tha iad airidh air moladh mòr", thuirt e.
Chan eil ach 8 mìle eadar an dà bhaile, ach tha rathad mòr an A87 dona le tuill an-dràsta, agus tha sin cunnartach do luchd-baidhseagal 's bhiodh slighe a dh'aona ghnothach do luchd-baidhseagal is luchd-coiseachd gu math na bu shàbhailte.
Aon uair 's gu bheil an t-slighe fosgailte, bidh cothrom aig a h-uile duine a chleachdadh, agus na seallaidhean brèagha air earra-dheas an eilein fhaicinn.
Tha a' bhuidhean an dòchas gun toir seo spionnadh do sgìrean eile slighean mar seo a stèidheachadh dhaibh fhèin a bhiodh mar phàirt den lìonra nàiseanta a th' ann an-dràsta.