Dragh mu mhàthair ùr a' siubhal dhachaigh air trèana
- Air fhoillseachadh

Thuirt Ospadal an Ràthaig Mhòir nach urrainn dhaibh càil a ràdh mu chùisean fa-leth.
Chaidh dragh mòr a nochdadh às dèidh dha thighinn am follais gun do shiubhail màthair ùr dhachaigh a Ghallaibh à Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis, leis an leanabh ùr aice, air an trèana dìreach trì là às dèidh dhi Caesarean fhaighinn.
Cho-dhùin piuthair chèile a' bhoireannaich nach b' urrainn dhi dràibheadh sìos ga togail seach gun robh na rathaidean fon t-sneachda agus gun robh bacadh air an rathad aig Bearghadail.
Chaidh an sgeulachd a chur suas air Facebook le ball den bhuidhinn Sgioba Gnìomha Slàinte Ghallaibh(CHAT).
Thuirt Ospadal an Ràthaig Mhòir nach urrainn dhaibh càil a ràdh mu chùisean fa-leth.
Trioblaidean
Tha seo a' tighinn aig an aon àm 's chaidh dàil a bharrachd a chur air planaichean Riaghaltas na h-Alba gus barrachd dhaoine fhastadh dhan NHS.
Dh'innis Rùnaire na Slàinte dhan Phàrlamaid gum foillsich an Riaghaltas plana do luchd-obrach slàinte 's cùraim ro dhèireadh na bliadhna an-uiridh.
Ach chaidh sin an uairsin a chur air ais chun na mìos a dh'fhalbh, 's chan eil an Riaghaltas fhathast air ceann-là a thoirt seachad a thaobh cuin dìreach a thèid am plana seo fhoillseachadh.
'S e Ospadal Ghallaibh ann an Inbhir Ùige fear de na h-àiteachan aig an trioblaidean luchd-obrach a thàladh.
Ach tha NHS na Gàidhealtachd air innleachd ùr air piseach a thoirt air cùisean.
Gluasad
Tha an Dtr Grant Franklin na bhall de sgioba de dh'ard-dhotairean a bhios a' gluasadh timcheall nan ospadalan.
Ged tha a tha na dotairean stèidhichte ann an Ospadal an Rathaig Mhòr, bidh iad cuideachd a' cur seachdad 25% den ùine aca ann an Ospadal Ghallaibh.
Thuirt an Dtr Franklin gum faodadh an dòigh-obrach seo barrachd luchd-obrach a thàladh chun na sgìre.
Tha neach-labhairt bho Riaghaltas na h-Alba air a ràdh gu bheil iad air gealltanas a thoirt seachadh gum faigh an NHS an luchd-obrach a tha a dhìth oirre 'son cùran sàbhailte agus èifeachdach a lìbhrigeadh.
Thuirt iad gu bheil seo cuideachd a' gabhail a-steach ceumanan gus luchd-obrach a thàladh agus a chumail ann an sgìrean iomallach agus sgìrean dùthchail.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh17 Am Faoilleach 2017

- Air fhoillseachadh22 An t-Sultain 2017

- Air fhoillseachadh30 An Cèitean 2017
