Cluicheadair ball-coise an greim an Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
Ross County
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Ross County nach biodh e iomchaidh an còrr a ràdh fhad 's a tha na poilis a' rannsachadh na cùise.

Thathas a' tuigsinn gun deach cluicheadair buill-choise aig Ross County a chur an grèim leis na Poilis ann an Inbhir Nis.

Dhearbh an cluba gun cuala iad gun deach an duine a chur an grèim ann am meadhan Inbhir Nis tràth madainn Didòmhnaich.

Thuirt an cluba nach biodh e iomchaidh an còrr a ràdh fhad 's a tha na poilis a' rannsachadh na cùise.