Cluicheadair Ross County fo chasaid
- Air fhoillseachadh

Thuirt Ross County nach biodh e iomchaidh an còrr a ràdh fhad 's a tha na poilis a' rannsachadh na cùise.
Chaidh an cluicheadair buill-choise aig Ross County, Iain Vigurs, a chur an greim leis na poilis agus e a-nis fo chasaid.
Chaidh an cluicheadair a chur an grèim leis na Poilis ann an Inbhir Nis às dèidh aimhreit ann am meadhan a' bhaile aig an deireadh-sheachdain
Thuirt Poileas Alba gun deach fireannach 30 bliadhna a dh'aois a chur an greim agus gun deach casaid a thogail na aghaidh às dèidh na h-aimhreit faisg air Sràid a' Bhanca tràth madainn Didòmhnaich.
Dhearbh an cluba gun cuala iad gun deach an duine a chur an grèim ann am meadhan Inbhir Nis ach thuirt iad nach biodh e iomchaidh an còrr a ràdh fhad 's a tha na poilis a' rannsachadh na cùise.
Ach thuirt iad cuideachd: "Bidh an cluba cuideachd a' dèanamh ath-sgrùdaidh air an t-suidheachadh a rèir còd nan inbhean againn agus a rèir siostam smachdachaidh a' chluba."