Ludwig Mòr nan Òran
Bha oidhche shònraichte aig Celtic Connections ann an Glaschu Là na Sàbainn, le cuirm de thionndadh clasaigeach air òrain Ghàidhlig a chaidh a dhèanamh le Ludwig van Beethoven. Chuir foillsichear ciùil Albannach, Seòras MacThòmais, na h-òrain thuige agus chuir Beethoven a dhreach fhèin orra. Chaidh na pìosan ciùil a thrusadh le Mìcheal Klevenhaus. Bha e fhèin is an seinneadair Màiri NicAonghais agus luchd-ciùil eile air an àrd-urlar aig a' chuirm