Dragh mu ghnìomhachas a' bhradain agus Brexit

  • Air fhoillseachadh
Tuathanas èisgTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Mgr Ewing air sgrìobhadh gu Roinn na h-Àrainneachd, Bìdh is Ghnothaichean Dùthchail(DEFRA), airson rabhadh a thoirt mun droch bhuaidh a dh'fhaodadh Brexit gun aonta a thoirt air bradan à Alba.

Thuirt Rùnaire an Iasgaich an Alba, Fearghas Ewing, gu bheil dragh air gum fàg Brexit gun aonta gum bi aig gnìomhachas a' bhradain ri £15m a phàigheadh airson deuchainnean às-mhalairt agus obair-phàipeir.

Thuirt e, ma thachras sin, gum feum Riaghaltas Bhreatainn sin a phàigheadh.

Tha Mgr Ewing air sgrìobhadh do Roinn na h-Àrainneachd, Bìdh is Ghnothaichean Dùthchail (DEFRA), airson rabhadh a thoirt mun droch bhuaidh a dh'fhaodadh Brexit gun aonta a thoirt air bradan à Alba.

Thuirt Mgr Ewing gu bheil cunnart ann gun èirich an àireamh de theisteanasan slàinte airson às-mhalairt ann an Alba bho 50,000 gu 200,000.

Tha e ag iarraidh air an Riaghaltas, aig a' char as lugha, an gnìomhachas a shaoradh bho na deuchainnean air slàinte an èisg a thèid a chur a-null thairis, gus an gabh aonta nas fheàrr a ruighinn.

Air no maill a chur air Brexit gus nach fhàg Breatainn an EU gun aonta deireadh na h-ath mhìos.