Crìonadh sluaigh ann an Nis
Sheall rannsachadh a tha ga dhèanamh ann an Nis ann an Leòdhas gu bheil àireamh sluaigh na sgìre air tuiteam còrr is ochd ceud thairis air 40 bliadhna.
Le Nis ga mheas mar aon de na sgìrean is adhartaiche a thaobh leasachaidhean agus cruthachadh obraichean, tha eagal ann gum faodadh cùisean a bhi nas truaighe buileach ann am pàirtean eile de na h-Eileanan Siar.
Tha Aonghas Dòmhnallach ag aithris.