Naidheachdan 11:00m

Chaidh dearbhadh an-diugh gu bheil dùil ris a' Cheann-Suidhe Trump ann am Breatainn airson an dàrna turais aig àrd-choinneimh NATO. Thuirt Ceann-Suidhe NATO, Jens Stoltenberg, gum bi an àrd-choinneamh sin ann anns an Dùbhlachd am-bliadhna. Bha connspaid mhòr ann mu chiad turas oifigeil Mhgr Trump a Bhreatainn anns an Iuchar an-uiridh, agus mòran a' cur na aghaidh.

Tha Theresa May a' coinneachadh ri ceannardan nam prìomh phàrtaidhean poileataigeach ann an Èirinn a Tuath an-diugh agus an Riaghaltas a' feuchainn ri fuasgladh fhaighinn do staing Bhrexit. Tha am Prìomhaire a' gealltainn gun gabh aonta dèanamh gun ionadan cuspainn a stèidheachadh a-rithist air Crìoch na h-Èireann.

Thàinig Interserve, aon de na companaidhean as motha a tha a' toirt seachad sheirbheisean poblach gu aonta fo an seachainn iad a dhol fodha, agus iad ann am fiachan. Tha a' chompanaidh air chùmhnant aig an Riaghaltas airson sreath sheirbheisean mar sgoiltean, ospadail is prìosain. Tha iad leis a' phlana ùr seo ag amas air tuilleadh earrainnean a reic airson fiachan a ghearradh bho chòrr is £600m gu £275m.

Tha companaidh eile ann an Dùn Dè ann an rianachd mar thoradh air gun deach a' chompanaidh thogail McGill fodha. Bha McGill ann an càirdeas obrach ri Land and Building Services, a th' air a dhol gu rianachd agus tha 27 duine a' call an cosnaidh ri linn.

Thàinig e am follais gur e aoidion na fala san eanchainn a thàinig air màthair ùir a chaochail ann an seòmar innleachd aig Ospadal Rìoghail Dhùn Èideann anns an Dùbhlachd. Tha e coltach gun deach Amanda Cox, às na Puballan anns na Crìochan, air chall anns an ospadal an dèidh dhi a bhith a' coimhead air an leanabh aice ann am pàirt eile den togalach.

Tha buidhnean carthannais ag ràdh gur e siostam ùr nan sochairean, an Creideas Coitcheann, as coireach gu bheil fiachan airson màil nan taighean comhairle air èirigh gu mòr ann an Sasainn, an Alba agus an Èirinn a Tuath. Bha fiachan de £315m ann an-uiridh, agus tha sin an treas cuid nas motha na bh' ann bho chionn ceithir bliadhna. Tha an Riaghaltas ag ràdh gur ann a tha an àireamh as lugha dhaoine ann am faichan le màl bho chaidh an Creideas Coitcheann a stèidheachadh.

Chaidh iarraidh air oighreachdan coimhearsnachd agus buidhnean leasachaidh a dhol còmhla airson stad a chur air crìonadh sluaigh anns na h-Eileanan. Tha rannsachadh fad 40 bliadhna ann an Nis ann an Leòdhas ag ràdh gu bheil àireamh an t-sluaigh a' tuiteam anns a h-uile baile san sgìre. Thuirt Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean gu bheil e na phrìomh amas acasan sluagh a ghlèidheadh anns na sgìrean iomallach.