Robotan do ghnìomhachasan na Gàidhealtachd?
Dh'fhaodadh robatan agus cobotan - robotan a tha ag obair le mac an duine - a bhith nam buannachd do ghnìomhachasan air a' Ghàidhealtachd. Chaidh a' chiad cho-labhairt air a' chuspair ann an Alba a chumail ann an Inbhir Nis an diugh. Chaidh innse do luchd gnothaich - ged a bhitheas luchd obrach fhathast a dhìth orra - gun cuidich an teicneòlas iad le an cuid obrach.