Cuirp Beinn na h-Òb gan ainmeachadh
- Air fhoillseachadh

Bhuineadh Andy Nisbet do dh'Obar Dheathain.
B' iad dithis de luchd-sreap ainmeil ann an Alba a chaill am beatha ann an tubaist air Beinn na h-Òb ann an Dùthaich MhicAoidh Dimàirt.
B' iad Andy Nisbet a bhuineadh do dh'Obar Dheathain, agus Steve Perry, Sasannach a bha a' fuireach ann an Inbhir Nis.
Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn mu 3:45f. Dimàirt.
Chaidh iomairt shònraichte a chur air bhonn eadar Sgioba Teasairginn Bheanntan Asainte, agus na Maoir-Chladaich.
Chaidh cuirp an dithis fhireannach a lorg air taobh an iar-thuath na beinne goirid an dèidh 02:00m Diciadain le sgioba heileacoptair nam Maor-Cladaich.
Thug luchd-teasairginn na cuirp far na beinne Diciadain.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh6 An Gearran 2019
