Àireamh cloinne an Ulapul a' tuiteam
Nochd draghan ann an Ulapul agus aithisg bho Chomhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gun tuit àireamh na cloinne ann an àrd-sgoil a' bhaile gu mòr sna bliadhnaichean ri teachd.
Ged a tha taighean ùra gan togail san sgìre, tha faireachdainn ann nach eil na seòrsaichean obraichean a tha rim faighinn gu h-ionadail, tarraingeach do theaghlaichean òga.
Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid.