Dragh mu sgeama spadaidh nan geadh
Tha dragh ann an Leòdhas agus na Hearadh gun teirig an t-airgead airson sgeama spadaidh nan geadh am-bliadhna.
Chuala coinneamh de Chaidreachas Croitearachd na h-Alba ann an Steòrnabhagh Diardaoin gun tèid croitearachd sna h-eileanan a chur ann an cunnart mura tèid smachd fhaighinn air na h-eòin.
Tha Murray MacLeòid ag aithris.