Naidheachdan 11:00
Tha comataidh ann am Pàrlamaid na h-Alba a' rannsachadh trioblaid le glainnead aig ospadalan agus goireasan eile an NHS ann an Alba. Tha seo goirid an dèidh bàs dithis euslainteach aig ospadal ann an Glaschu a fhuair tinneas co-cheangailte ri salachar chalmain. Tha an rannsachadh pàrlamaid sin ann, a bharrachd air ath-sgrùdadh eile air na bàis aig Ospadal Oilthigh na Bànrigh Ealasaid ann an Glaschu.
Bheir Theresa May fiosrachadh do Thaigh nan Cumantan feasgar air an ìre aig a bheil a còmhraidhean leis an Aonadh Eòrpach. Tha am Prìomhaire fhathast an dòchas atharrachadh a thoirt air a'chùl-stad Èireannach gus an tèid Brexit air adhart mar a tha dùil. Tha sin a dh'aindeoin agus gu bheil oifigich anns an EU ag ràdh nach fhosgail iad an t-aonta as ùr.
Tha e 's fhìor fhàs doirbh do dh'Albannaich grèim fhaighinn air airgead pàipeir a rèir na buidhne luchd-cleachdaidh Which?. Tha an rannsacadh ag ràdh gu bheil 340 meur banca air dùnadh ann an Alba bho 2015 agus 290 inneal ATM an-uiridh. Tha Which? ag iarraidh air an riaghaltas a-niste riaghladair a stèidheachadh 'son dìon a chur air luchd-cleachdaidh.
Tha 12 luchd-poileataigs agus ceannardan catharra Catalan mu choinneimh cùirte ann am Madrid an-dràsta fo chasaid mun referendum 'son saorsa ann an 2017. Chaneil seann cheann-suidhe Chatalonia, Carles Puidgemont, nam measg agus esan fhathast 'sa Bheilg far an do theich e 'san Damhair ann an 2017.
Tha troimhe-chèile 'san iomain cola-deug mas tòisich an seusan ùr. Tha Inbhir Nis air tarraing às an Lìog Nàiseanta agus tharraing Loch Abair às an Dàrna Roinn mu Tuath. Theab Loch Abar cuideachd tarraing a-mach às a' Phrìomh Lìog agus iad a' coireachadh dìth chluicheadairean. Feumaidh Comann na Camanachd a-niste liosta ùr gheamaichan agus rèitirean ullachadh.
Gòrdan Banks
Chaochail Gòrdan Banks am fear-glèidhidh a tho g Cupa Ball-Coise na Cruinne còmhla ri Sasainn ann an 1966. Bha e 81. Tha cuimhne aig mòran air Banks 'son glèidheadh mìorbhaileach an aghaidh Pele aig Cupa na Cruinne ann a Mexico ann an 1970.
Tha dithis dhaoine fo chasaid an dèidh aithrisean air gràinn-cinnidh aig a gheam eadar Obair Dheathain agus Rangers an t-seachdainn seo chaidh. Chaidh aire nam poileas a thoirt dhan chùis 'sa Stand a Deas aig Pittodrie Diciadain seo chaidh. Thèid dithis fhear, a tha 47 agus 57 agus a bhuineas do dh'Obair Dheathain, mu choinneimh na cùirte.