Sgiobaidhean a' tarraing à lìogan iomain

  • Air fhoillseachadh
Caman agus ball

Tha troimhe-chèile mhòr ann an saoghal na camanachd is an seasan ùr dìreach cola deug air falbh.

Tha Inbhir Nis air tarraing às an Lìog Nàiseanta.

Theab Loch Abar tarraing às a' Phrìomh Lìog ach tha iad air an dàrna sgioba a tharraing bho Lìog Tuath 2.

Bha dùil gum faigheadh na sgiobaidhean, leis a' mhòr chuid dhiubh a' cluich gheamaichean càirdeal air an deireadh sheachdain seo, fiosrachadh mun chlàr agus na rèitearan ach a-nis cha ghabh sin dèanamh.

Chan eil e fada bhon a chuir sgioba Loch Abair sanas a-mach airson dà mhanaidsear airson an dà sgioba san sgìre.

Agus leis na trioblaidean a tha air a bhith aig Loch Abar cluicheadairean a chumail, agus cuideachadh fhaighinn coimhead às dèidh nan goireasan aca agus theab iad tarraing a-mach às a' Phrìomh Lìog.

Ceistean

Tha ceistean cuideachd gan togail mu a bhith a' cluiche as t-samhradh agus mun dreach nàiseanta air cuid de na lìogan.

Leis mar a tha Inbhir Nis air tarraing a-mach as an Lìog Nàiseanta bidh sin a' ciallachadh gum feum Comann na Camanachd crathadh a thoirt air na geamaichean, agus structar nan lìogan eile mu thuath atharrachadh.

Thuirt an sgioba nach eil na h-àireamhan aca airson sgioba làidir gu leòr a chumail.

Bha Inbhir Nis aig bonn na Lìog Nàiseanta an-uiridh.

Tha seo uile a' tachairt le dìreach cola-deug ri dhol mus tòisich an seasan ùr.

A bharrachd air a' bhuaidh a bhios aige seo air clàr nan geamaichean, tha dùil cuideachd gum bi dùbhlan ro riaghladair a' gheama, rèitearan a chur air dòigh agus pàircean a lorg.