Rabhadh mu chall bhancaichean an Alba
- Air fhoillseachadh

Tha rabhadh ann gur dòcha gum bi e doirbh do dhaoine ann an Alba airgead fhaighinn ri linn na th' ann de bhancaichean is innealan ATM a tha air dùnadh.
Tha a' bhuidheann Which? ag ràdh gu bheil feum air riaghladair a' stèidheachadh gus smachd a chumail air a' ghnothach.
Chualas Ministear an Ionmhais Phoblaich ann an Riaghaltas na h-Alba, Ceit Fhoirbeis, mar tha an t-seachdain seo a' cur fàilte air sgeama ùr a tha ag amas air seirbheisean ATM ann an sgìrean dùthchail a dhìon.
ATMs a falbh
A-nis tha a' bhuidheann Which? air draghan a thogail mun chùis.
Thuirt iad gu bheil cha mhòr 400 banca air dùnadh ann an Alba bho 2015, is gun do dh'fhalbh cha mhòr 300 ATM am-bliadhna.
Tha iad ag ràdh gu bheil seo gu sònraichte a' toirt buaidh air sgìrean dùthchail.
'S e tha iad a' moladh ach gum bu chòir do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte riaghaladair a stèidheachadh gus smachd a chumail air a' chùis.
Tha a' bhuidheann cuideachd airson dèanamh cinnteach gum bi cothrom aig an t-sluagh agus aig gnìomhachasan airgead a thoirt a-mach nuair a dh'fheumas iad.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh11 An Gearran 2019
