Conaltradh mu aonadan cùraim

Tha Bòrd Cùraim is Slàinte nan Eilean a' tòiseachadh conaltradh air dè tha dol a thachairt do thrì aonadan cùraim beaga ann an Leòdhas - a ghabhas aon duine deug uile gu lèir.

Thèid coinneamh a chumail anns an Rubha, ann an Càrlabhagh agus an Crabhlastadh - leis a' mholadh gun tèid dìreach aon aonad a chumail fosgailte airson faochadh a thoirt do luchd-cùraim.

Ach thuirt am Bòrd gun toir iad àite do bheachdan mhuinntir nan sgìrean.

Seo Aonghas Dòmhnallach.