ADS a' leantainn

  • Air fhoillseachadh
Itealan LoganairTùs an deilbh, Loganair
Fo-thiotal an deilbh,

'S e Loganair a bhios a' toirt seachad a chuid is motha de sheirbheisean adhair dhan na h-eileanan.

Tha Riaghaltas na h-Alba air a ràdh gun cùm iad orra le Sgeama Lùghdachaidh nam Faraidhean Adhair mar a tha e, a dh'aindeoin 's nach bi aca ri na riaghailtean Eòrpach mu thimcheall air a' leantainn às dèidh Bhrexit.

Thòisich an sgeama ann an 2016 agus tha e a' tabhann gearradh de cha mhòr 40% far faraidhean do dhaoine a tha a' fuireach anns na h-eileanan neo ann an Gallaibh.

Bha cothrom aig gnìomhachasan agus buidhnean poblach brath a ghabhail air an sgeama an toiseach, ach chaidh sin a thoirt air falbh bhuapa ann an 2011.

Bha Riaghaltas na h-Alba a' cumail a-mach aig an àm gun robh sin a' briseadh riaghailtean an Aonaidh Eòrpaich.

Às dèidh sin dhiult iad an sgeama a thoirt air ais do luchd-gnothachais 's iad ag ràdh gum biodh sin ro chosgail.

Lùghdachadh

Bha mì-chinnt ann mu na thachradh dhan sgeama nuair a dh'fhàgadh Breatainn an EU, ach dhearbh Riaghaltas na h-Alba gun cùm e a' dol mar a tha e an-dràsta.

Bidh sin na bhriseadh-dùil do ghnìomhachasan is seirbheisean poblach a dh'iarradh cothrom air an ìsleachadh iad fhèin.

Tha dùil gum foillsich an Riaghaltas na planaichean oifigeil aca a dh'aithghear.