Rinn teine sgrios air oifis urrais an Leòdhas

  • Air fhoillseachadh
Oifisg Urras Oighreachd Ghabhsainn
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an togalach a sgrios san teine

Thòisich an teine aig oifis Urras Oighreachd Ghabhsainn ann an uairean beagan na maidne.

Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm chun na làraich san iar-thuath den eilean goirid às dèidh 01:30m.

Bha ceithir innealan-smàlaidh an sàs san oidhirp an teine a chur às.

Chaidh an togalach a leagail le diogair.

Chaidh Urras Oighreachd Ghabhsainn a stèidheachadh ann an 2007 airson an oighreachd a ruith às leth na coimhearsnachd eadar Barabhas Uarach agus Port Nis.

Fo-thiotal,

Aithris Aonghais Dhòmhnallaich air Aithris na Maidne.

Seann thogalach Urras Oighreachd Ghabhsainn

Chaidh oifis an urrais air iomall baile Ghabhsainn fhosgladh ann an 2011.

Ged a tha obair an urrais san là an-diugh air a cumail ann an stòras air-loidhne, thuirt an cathraiche, Agnes Rennie, gun do chaill iad mòran de sheann phàipearan agus clàran a bha a' buntainn ri eachdraidh na h-oighreachd.

Thuirt i gun robh i taingeil nach deach duine a ghoirteachadh san teine.

Bha 13 duine ag obair san togalach agus thuirt a' Bh-Ph. Rennie gun d' fhuair iad mòran thairgsean bho dhaoine a' tabhann àite dhaibh far am faod iad leantainn orra le obair an urrais.

Tha an t-seirbheis smàlaidh ag ràdh gu bheil an rannsachadh aca air dè a bu choireach ris an teine a' leantainn.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh