Tuathanasan èisg
Chaidh ceistean a thogail aig coinneamh fiosrachaidh anns an Eilean Sgitheanach mu phlanaichean airson dà thuathanas-èisg ùra a tha san amhairc anns an sgìre. Chuir Organic Sea Harvest a' choinneamh air dòigh, agus iad a' sireadh cead airson tuathanasan-èisg a bharrachd. Fhuair iad cead mar thà airson da thuathanas èisg beagan nas fhaide deas. Tha Alasdair MacLeòid ag aithris.