Tubaist mhairbhteach air an A82
- Air fhoillseachadh

Chaidh fireannach, 18, a mharbhadh ann an tubaist rathaid air an A82 faisg air Inbhir Nis oidhche Dhòmhnaich.
Bha an duine a' draibheadh Renault Clio gorm a bhuail ann am Ford Galaxy airgid aig Dabhach Gairbheach goirid ro 10.30.
Chaidh boireannach a bha a' draibheadh a' Ford Galaxy a leòn ach chan eil i air a droch ghoirteachadh.
Bha an A82 dùinte aig Dabhach Gairbheach tron oidhche ach dh'fhosgail an rathad a-rithist timcheall air 07.00m.
Rannsachadh
Thuirt Poileas Alba gu bheil na smuaintean aca le teaghlach is caraidean an duine a chaill a bheatha.
Dh'iarr iad air duine sam bith a chunnaic na càraichean ron tubaist a' tighinn a bhruidhinn riutha.
Tha iad cuideachd airson cluintinn bho dhuine sam bith le dealbhan dashcam a dh'fhaodadh an cuideachadh.
Bu chòir fios a chur air na Poilis air 101 air neo tro Chrimestoppers air 080055511 is le àireamh 4681 24/02/2019 a thoirt seachad.