Ceistean mu phlana nan aiseagan
- Air fhoillseachadh

Thuirt BPA Uaineach gum feum Riaghaltas na h-Alba ath-sgrùdadh a dhèanamh air a' phlana-aiseig aca.
Thuirt Iain Finnie, a tha a' riochdachadh na Gàidhealtachd is nan Eilean, gun do sheall figearan a fhuair e bho ChalMac gun deach 780 seòladh a chur dheth an-uiridh air sgàth thrioblaidean teicnigeach.
B' e àrdachadh 150 a bha sin an taca ri 2017.
Thuirt Mgr Finnie gu bheil seo a' fàgail cheistean mòra mu phlana aiseig an Riaghaltais.
"Tha dleasdanas air Riaghaltas na h-Alba seirbheisean aiseig aig deagh ìre a thoirt seachad gus taic a chumail ri coimhearsnachdan dùthchail is eileanach", thuirt Mgr Finnie.
"Feumaidh earbsa a bhith aig daoine gun ruith seirbheisean mar bu chòir, ach a-mhàin ma tha fìor dhroch aimsir ann.
Seasmhach
"Feumaidh Rùnaire na Còmhdail ath-sgrùdadh a dhèanamh air a' phlana-aiseig a th' ann gus dèanamh cinnteach gu bheil bàtaichean ChalMac aig ìre is gun gabh earbsa a chur annta", thuirt e.
Dh'iarr Mgr Finnie gun tèid ceumannan a ghabhail gus am bi lìonra ChalMac seasmhach anns na bliadhnaichean ri teachd.
Thuirt fear-labhairt bho ChalMac gu bheil iad air siostaman ùra a chur an an sàs anns na mìosan mu dheireadh a thaobh bàtaichean a chumail ann an òrdugh.
Thuirt e gun toir seo, agus planaichean 'son bhàtaichean ùra, piseach air an t-suidheachadh.
Dh'aidich CalMac gun robh an àireamh de sheòlaidhean a chaidh a chur dheth an-uiridh ro àrd, ach thuirt iad fhathast nach deach a chur dheth ach 1 às gach 200 seòladh.