Sgeama uisge ùr do bhailtean sna Hearadh
- Air fhoillseachadh

Tha Urras Ceann a Tuath na Hearadh an dòchas gum bi e nas fhasa do dhaoine taighean a thogail san sgìre air sgàth obair air siostam an uisge, agus gum brosnaich e leasachadh.
Tha Uisge na h-Alba a' dol a thogail ionad-glanaidh agus tanca uisge, agus iad a' cur faisg air ceithir mìle de phìob eadar Gòbhaig agus Hùisinis.
"Tha e a' dol a dhèanamh atharrachaidh do Ghòbhaigh, do Bheadarsaig, agus do Hùisinis," thuirt Cathraiche an Urrais, Calum MacAoidh.
"Na sgeamaichean bùirn a bh' acasan ron seo, bha iad ro bheag, agus eadhon am meadhan a' Gheamhraidh cha robh bùrn gu leòr aca anns na dachaighean.
Cothrom
"Dh'fheumadh tancairean a bhith a' tighinn a-nall à Steòrnabhagh cha mhòr gach là le bùrn.
"Agus bha luchd-obrach a-bhos ann an seo bho Uisge na h-Alba cha mhòr a h-uile là a' coimhead air na goireasan a bh' aca ann an seo.
"Tha seo a' ciallachadh gum bi an aon chothrom aig na bailtean a tha sin air bùrn fhaighinn bho Uisge na h-Alba, agus ma thèid dachaighean eile a thogail ann an seo - no ma thachras càil sam bith eile ann an seo - gum bi bùrn gu leòr ann airson rudan eile a dhol air adhart ann.
"Gu mì-fhortannach tha Amhainnsuidhe a' call a-mach air, o chionn cha bhi cothrom acasan, an-dràsta co-dhiù, tighinn air an loidhne a tha seo.
"Ach 's dòcha anns na bliadhnaichean a tha romhainn gum bi cothrom aca ma thig tuilleadh airgid am follais," thuirt e.