Iomairt an aghaidh sheirbheisean adhair
- Air fhoillseachadh

Tha luchd-iomairt san Eilean Sgitheanach a tha le teagamh mu phlanaichean airson seirbheis àdhair ùir ag iarraidh gun tèid co-chomhairle phoblach a chumail air a'chùis.
Thèid pàipear gu coinneimh de chomataidh sgìreil na Comhairle Diluain, ag iarraidh airgid airson seirbheis phìleat a thòiseachadh.
Tha beachd aig feadhainn gum b' fheàrr le muinntir an àite an t-airgead a chosg air rudan eile seach seirbheisean adhair.
Tha dùil aig cuid acasan a bhith aig a' choinneimh, agus soidhnichean air an cur an-àirde timcheall an Eilein a' cur an-aghaidh nam planaichean.