"Coimhead a-rithist ri aiseagan"
- Air fhoillseachadh

Tha an t-àm ann coimhead a-rithist ri dè na h-aiseagan a bhiodh dha-rìribh freagarrach 'son seirbheisean nan Eilean Siar a lìbhrigeadh, a rèir Chathraiche Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan.
Tha seo a' tighinn an dèidh dhan fhear-ghnothaich a tha a' ruith an aiseig eadar Gallaibh is Arcaibh a ràdh gum b' urrainn dha-san seirbheisean air a' chosta an iar a ruith gun subsadaidh sam bith.
"Chaidh am beachd sin a thogail mar thà, o chionn bhliadhnaichean air ais," thuirt Mgr Robasdan.
"Aig an àm 's ann a' bruidhinn air catamaran a bha e, 's tha còmhradh air a bhith ann timcheall air sin, dè cho freagarrach 's a tha aiseagan mar sin air an t-slighe.
"Ach bhiodh e math aig an aon àm faighinn a-mach a bheil iad freagarrach eadar na h-Eileanan an Iar 's Tìr-Mòr.
"Mar a tha fhios aig a h-uile duine tha mòran duilgheadais aig an àm seo timcheall air aiseagan, 's tha mòran còmhraidh ann timcheall air rudan a chaidh a dhèanamh ceàrr, rudan a dh'fhaodar a dhèanamh na b' fheàrr.
"Tha mi a' smaoineachdainn, an taobh a-staigh a' chùmhnaint a th' againn an-dràsta gu bheil làn-àm barrachd èisteachd a dhèanamh air na coimhearsnachdan.
"Dè na h-iarrtasan a th' aig na coimhearsnachdan fhèin?" thuirt e.