Naidheachdan 11:00
Thuirt oifigearan polais gu bheil ceangal eadar pasgan amharasach aig Oilthigh Ghlaschu an dè agus pasgain den aon sheòrsa ann an Lunnainn a'bhòn-dè. Chaidh spreadhadh fo smachd a dhèanamh air a'phasgan ann an seòmar a'phuist aig an oilthigh an dè agus tha clasaichean an sin a' tilleadh dhan àbhaist an-diugh. Thuirt Poileas Alba gu bheil iad ag obair còmhla ris na h-oifigearan ann an Lunnainn a tha a' rannsachadh nam pasgan aig stèisean rèidhle Waterloo agus puirt-adhair Heathrow agus London City.
Cùmhnantan tuath-gaoithe
Thuirt na h-aonaidhean, Unite agus GMB, gur e sgaineal a bhios ann mura d'fhuair gàrraidhean BiFab ann am Fìobha cùmhnant mhòr airson tuath-gaoithe aig muir far Ghallaibh. Tha na h-aonaidhean den bheachd gun deach an obair dhan Bheilg, an Spàinn agus na h-Emireatan Aonaichte Arabach.
Chaidh dearbhadh an dè gun do thòisich pàirt den obair airson an tuath-gaoithe sin, Moray East, aig Gàrradh Àranais ann an Leòdhas, ach tha e coltach nach d'fhuair gàrraidhean Bifab aig Burntisland agus Methil cùmhnant gu math nas motha.
Tha a'bhuille sin do Bifab a' tighinn aig an aon àm 's a tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' foillseachadh aonta le gnìomhachas nan tuathan gaoithe aig muir, ag amas air an treas cuid de chumhachd Bhreatainn a thoirt à gaoth na mara ro 2030.
Tha Comisean na Co-ionnanachd agus Còraichean Daonna a' beachdachadh air gearainean mu ghràinn air Iùdhaich sa Phartaidh Làbarach. Tha an Comisean den bheachd gur dòcha gun do rinn am partaidh dì-meas air creideamh agus cinneadh agus sgrìobh iad dha'n Phartaidh Làbarach ag iarraidh freagairt dha na draghan sin.
Dh'iarr oifigich an Aonaidh Eòrpaich air an riaghaltas tighinn air adhart le molaidhean ùra airson Brexit ro dheireadh an là a-màireach. Tha Sràid Downing ag ràdh gum bi bhòt air aonta a' Phrìomhaire mar a tha e an-dràsta an ath sheachdain. Tha Ceannard nan Làbarach, Jeremy Corbyn, a' bruidhinn ri buill-phàrlamaid às gach partaidh a tha ag iarraidh Brexit nas buige a gheibheadh tron Phàrlamaid.
Fhuair polais, a tha a' rannsachadh murt Julie Reilly ann an Glaschu, duslach aig seòladh ann an Cessnock. Chaidh binn beatha sa phriosan an uiridh air Anndra Uallas airson murt a' bhoireannaich, a bha 47, ann am flat ann am Baile a' Ghobhainn sa Ghearran an-uiridh.
Thuit prothaidean Buidheann John Lewis gu ochd ceud agus sia millean not. Tha sin sìos 45% air a' bhliadhna agus tha e a' ciallachadh gearradh bònus sia bliadhna ann an sreath do luchd-obrach John Lewis agus Waitrose.
Tha rannsachadh ùr ag ràdh gu bheil toileachas poblach leis an NHS ann an Sasainn, a' Chuimrigh agus Alba aig an ìre as lugha bho 2007. Tha sin a-rèir sgrùdadh bliadhnail nam buidhnean-rannsachaidh, King's Fund agus Urras Nuffield.