Fiosrachadh luchd-turais anns na Hearadh

Bidh seirbheis fiosrachaidh ann do luchd-turais a thèid dha na Hearadh am bliadhna. Bha dragh ann nach biodh an leithid ri fhaotainn as dèidh mar a chaidh an t-ionad fiosrachaidh a bh' aig Visit Scotland a dhùnadh an-uiridh. Tha e air tighinn am follais gu bheil companaidh às na Hearadh gu bhith stèidhichte san ionad air an Tairbeart, agus mar phàirt dhen obair aca, bheir iad seachad fiosrachadh do luchd-turais. Le tuilleadh, seo Ruairidh Rothach ...