Adhartas airson sealbh coimhearsnachd air fearann sna Hearadh

  • Air fhoillseachadh
Soidhne rathaid air taobh sear na Hearadh
Fo-thiotal an deilbh,

Tha sgìre nam bàgh san oighreachd, cho math ris an Taobh Tuath agus Beàrnaraigh.

Tha an oidhirp airson Oighreachd nam Bàgh sna Hearadh a chur fo smachd muinntir an àite air gluasad air adhart.

Tha cha mhòr seachd bliadhna ann on chaidh bruidhinn air an toiseach, ach a-nis tha a' bhuidheann-stiùiridh aig ìre far am bi iad, an ceann beagan sheachdainnean, a' faighneachd den t-sluagh am bheil iad airson am fearann a cheannach

Tha Oighreachd nam Bàgh a' toirt a-steach na bàigh, an Taobh Tuath agus Eilean Bheàrnaraigh.

'S ann leis an teaghlach Hitchcok a tha an talamh; chaidh a cheannach airson £5,000 ann an 1925.

Eu-coltach ri sgìrean eile sna h-eileanan far an robh an t-uachdaran deònach gu leòr am fearann a reic ris an t-sluagh cha robh an t-uachdaran airson a leigeil seachad.

Tha Iain Macleòid bhon bhuidhinn-stiùiridh ag ràdh gur e sin an cnap-starra as motha a bha ron oidhirp aca am fearann a chur fo smachd na coimhearsnachd.

"Sin an duilgheadas mòr a bh'againn airson am fiosrachadh fhaighinn a-mach nach robh aig na coimhearsnachdan eile agus 's e sin a bu choireach gun tug e cho fada dhuinn am fiosrachadh seo fhaighinn," thuirt e.

Fhuair iad luach na h-oighreachd ach bha Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean ag iarraidh orra luach na b'fheàrr fhaighinn.

"Bha fiosrachadh aig an uachdaran airson a chur a-staigh dhan luach mu dheireadh agus chum sin beagan dàil oirnn.

"Thug an t-uachdaran dhuinn am fiosrachadh sin a-nise agus tha sinn an dòchas gum bi sin againn an ath sheachdain, agus gum bi sinn an nuairsin ann an suidheachadh gun urrainn dhuinn a dhol a-mach dha na coimhearsnachdan airson coinneamhan a chumail agus innse dhaibh mun rannsachadh a rinn sinn agus a bheil iad airson an oighreachd a cheannach neo nach eil," mhìnich Mgr MacLeòid.

Tha a' bhuidheann-stiùiridh an dòchas gum faic an sluagh gu bheil luach ann dhaibh-san sealbh a bhith aca air an oighreachd.

"Mar a tha, aig an àm seo, mar a tha uachdaran prìobhaideach ann chan urrainn dha-san airgead poblach fhaighinn ach 's urrainn coimhearsnachd a th'air an oighreachd a cheannach sin fhaighinn," thuirt Mgr MacLeòid.