Comhairle do luchd-gnothachais
A dh'aindeoin na mì-chinnt mu Bhrexit, tha gnìomhachasan air a' Ghàidhealtachd fhathast a' sireadh mhargaidhean ùra.
Chaidh bùth-obrach a chumail ann an Inbhir Nis an t-seachdain seo airson taic agus comhairle a thoirt do luchd-gnothaich sa cheann a tuath a th' airson a bhith a' malairt thall-thairis.
Chaidh a' bhùth-obrach a chur air dòigh le Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean 's iad airson companaidhean ionadail a mhisneachadh gu bhith a' farpais ann am margaidhean ùra.
Bha Cara Coburn an làthair.