County ann an Dùn Dè
Thèid Ross County a Thannadice oidhche Mhàirt is cothrom aca ceum mòr eile a ghabhail a dh'ionnsaigh an Championship a bhuannachadh.
Tha cothrom aig sgioba Inbhir Pheofharain gluasad ceithir puingean deug air thoiseach air Dundee United is gun ach ochd geamaichean air fhàgail às dèidh seo.
Bho shealladh Dundee United, 's e geama a tha seo a dh'fheumas iad buannachadh ma tha cothrom idir gu bhith aca County a ghlacadh.
Tha Padraig MacAmhlaidh a' cur taic ri Ross County.