"Mì-fheum" de chumhachdan fearainn
Tha uachdarain ann an cuid de sgìrean dùthchail na h-Alba a' dèanamh mì-fheum den chumhachd a th' aca - tha sin am measg cho-dhùnaidhean aithisg ùir a dh'fhoillsich Coimisean Fearainn na h-Alba.
Tha iad ag iarraidh atharrachaidh anns an lagh airson coimhearsnachdan a dhìon far a bheil cus chumhachd aig an uachdaran.
Tha iad cuideachd ag ràdh gu bheil an smachd a th' aig cuid de dh'uachdarain a' cumail leasachadh dùthchail air ais.
Chan eil buidheann riochdachaidh nan uachdaran - Fearann agus Oighreachdan na h-Alba - a' gabhail ri sin ge-tà.
Tha an aithris seo aig an fhear-naidheachd phoileataigeach againn, Mìcheal MacNèill.