Foghlam Gàidhlig Dhùn Èideann
Tha e gu tur deatamach gun tèid pàrantan an sàs san ullachadh airson àrd-sgoil Ghàidhlig ùr a' stèidheachadh ann an Dùn Èideann - s in a rèir an Ollaimh Wilson MacLeòid, a bha a' bruidhinn aig coinneimh anns a' bhaile an-raoir.
Thuirt e nach biodh àrd-sgoil Ghàidhlig ann gun iarrtas bho phàrantan, agus gun robh e riatanach gun cuireadh iad ris a' cho-chomhairle laghail ris a bheil dùil an ath-bhliadhna.
Tha Ruairidh MacÌomhair ag aithris.