Draghan mu leasachadh na Cùil
- Air fhoillseachadh

Thèid dà bhuidhinn chathrannais a tha a' riochdachadh luchd-coiseachd còmhla Dihaoine gus cur an aghaidh phlanaichean airson raoin-ghoilf an Cataibh.
Thòisich rannsachadh poblach air a' mhìos seo chaidh mun leasachadh aig a' Chùil, eadar Eurabol agus Loch Fleòid.
'S iad na h-Aimeireaganaich Todd Warnock is Mike Keiser a th' air an leasachadh a chur air adhart.
Cluinnidh an rannsachadh poblach sa Chlais Mhòir Dihaoine bho na buidhnean Ramalairean na h-Alba agus ScotWays.
Milleadh
Canaidh iad gun dèanadh raon-goilf sgrios maireannach air coltas an àite.
Togaidh iad draghan cuideachd gun toireadh e droch bhuaidh air còraichean daoine a bhith a' coiseachd air an fhearann.
Tha an fheadhainn a tha a' cur taic ris an leasachadh ag ràdh gum bi obraichean ùra na chois, agus gu dearbh gun cuireadh e ri bòidhchead an àite.
Bidh an co-dhùnadh deireannach air an leasachadh aig Riaghaltas na h-Alba.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh25 An Gearran 2019

- Air fhoillseachadh20 An t-Ògmhios 2018
