Craobhan air croitean
Tha croitearan a' cur an làn thaic ri pròiseact ùr a tha ag amas air craobhan a chur air croitean - a rèir mhanaidsear an sgeama "Pròiseact Coilltearachd Chroitean".
Bha a' bhuidheann a' bruidhinn aig coinneamh thar-phàrtaidh air croitearachd.
Ach dè cho soirbheachail 's a bhios an sgeama seo sna h-Eileanan, far nach eil craobhan dualtach fàs gu nàdarrach?
Le tuilleadh, seo Anndra MacFhionghain.