Iomairt cobhair a' leantainn an Ratharsair
- Air fhoillseachadh

Tha na buidhnean cobhair air a bhith a-muigh a-rithist Dimàirt ann an Ratharsair a' coimhead airson fireannaich, 72, nach fhacas bho Là na Sàbaid.
Chaidh Alasdair Lovie, air a bheil seargadh inntinn, fhaicinn mu dheireadh tuath air Inbhir Àrois, faisg air seann mhèinn mu 11:00m.
Tha na Poilis, na Maoir-Chladaich agus luchd-smàlaidh, sgioba cobhair le coin agus buill Sgioba Teasairginn nam Beann às an Eilean Sgitheanach, uile air a bhith an sàs san iomairt gus lorg fhaighinn air Mgr Lovie.
Tha bàta teasairginn Phort Rìgh agus am bàta-aiseig aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn cuideachd air a bhith ag aiseag an luchd-teasairginn a-null agus a-nall eadar Ratharsair agus an t-Eilean Sgitheanach.
Tha na Poilis den bheachd gum faodadh gun deach Mgr Lovie air chall agus tha iad ag iarraidh taic bho dhuine sam bith a dh'fhaodadh air fhaicinn.
Tha e 5'10" de dh'àirde, le falt donn agus sùilean gorma. Bha seacaid dhubh, briogais denim, ad dhubh, leine ghorm agus geansaidh dearg air.
Rannsachadh
Chaidh iarraidh air eileanaich coimhead sna seadaichean agus togalaichean eile aca feuch a bheil e ann.
Thuirt an t-Insp. Bruce Crawford bho Phoileas Alba: "Tha sinn a' sìor fhàs draghail mu chor Alasdair mar as fhaide a tha e gun sgeul againn air, agus tha fios againn gu bheil muinntir an àite a' faireachdain mar seo cuideachd.
"Tha dementia air Alasdair agus tha teansa ann gun do dh'fhàs e troimhe chèile fhad 's a bha e a-muigh a' coiseachd.
"Chunnacas mu dheireadh e aig seann mhèinn tuath air Inbhir Àrois ach tha e fut agus tric a' falbh air chuairt agus, mar sin, tha mi ag iarraidh air daoine ann an Ratharsair a bhith furachail agus innse dhuinn mu chàil a dh'fhaodadh ar cuideachadh ann a bhith ga lorg.
"Tha sinn cuideachd airson agus gum bi dràibhearan air am faiceall agus sùil as ùr a thoirt air dealbhan dashcam a dh'fhaodadh a bhith aca."