Co-dhùnadh ann an FAI iasgair chlèibh
- Air fhoillseachadh

Cho-dhùin rannsachadh tubaist bhàsmhor gur dòcha gum biodh iasgair chlèibh, a chaidh a bhàthadh nuair a thuit e bhon bhàta aige, air a shàbhaladh nam biodh seacaid-sàbhalaidh air, no nam biodh e air a bhith a' giùlain uidheim rabhaidh.
Chaidh Alasdair MacLeòid, às a' Chomraich, a chall san t-Samhain 2017.
Cha robh e san lagh an uairsin gum feumadh seacaidean-sàbhalaidh neo acainn sàbhalaidh a bhith air iasgairean.
Thuirt an Siorram Eilidh NicDhòmhnaill nach robh fios dè a thug air Mgr MacLeòid tuiteam bhon bhàta aige, am Varuna.