"Mòr-ionad Gàidhlig" air fàire an Glaschu

  • Air fhoillseachadh
GlaschuTùs an deilbh, Getty Images

Làthaireachd sheasmhach, fhollaiseach dhan Ghàidhlig ann an Glaschu - sin amas ionad Gàidhlig ùr sa bhaile.

Tha a' bhuidheann An Lòchran a' beachdachadh an-dràsta air mar a ghabhas sin toirt gu buil, agus bidh iad ag iarraidh bheachdan Ghàidheal Ghlaschu a dh'aithghearr.

"Tha sinn aig bun-ìre, theirinn, a thaobh mòr-ionad a stèidheachadh ann an Glaschu an ceartuair," thuirt Cathraiche ùr an Lòchrain, Alasdair MacIlleBhàin.

"Ged a chaidh bruidhinn air mòr-ionad o chionn fichead bliadhna aig An Lòchran - sin as adhbhar gun deach An Lòchran a stèidheachadh sa chiad dol-a-mach - dà phrìomh amas mar gum biodh; na h-ealain Ghàidhlig àrdachadh agus adhartachadh anns a' bhaile, ach cuideachd làthaireachd sheasmhach fhaicsinneach a stèidheachadh don Ghàidhlig anns a' bhaile cuideachd.

Àrainneachd Chànain

"Dh'fhaoidte gur e mòr-ionad a ghabhas sinn air sin anns an là a th' ann.

"Theirinn gur e na tha a dhìth ach àite far nach cluinnear ach a' Ghàidhlig - agus dh'fheumamaid a bhith gu math làidir a thaobh sin sa chiad dol-a-mach.

"Tha tòrr mòr bhuidhnean ann, ach cha robh leithid de bhuidhnean ann an Glaschu dar a chaidh An Lòchran a stèidheachadh sa chiad dol-a-mach bho chionn fichead bliadhna.

"Cha robh leithid Theatre gu Leòr, no Ceòl is Craic an seo an uairsin.

"Agus saoilidh mi gum biodh e math, ionadan taobh a-staigh togalaich a bhith ann do na buidhnean sin.

"A thuilleadh air sin, saoilidh mi gum feumadh mòr-ionad a bhith seasmhach leis fhèin ann an dòigh.

"Agus gu dearbha saoilidh mi gu bheil deagh chothrom ann airson 's gum biodh e prothaideach cuideachd.

"Ma smaoinicheas sinn air cèilidhean nan comann a tha stèidhichte an seo an Glaschu - Comann nan Eilean 's an leithid - bidh cèilidhean aca feadh a' gheamhraidh, agus gu dearbha tachartasan ealaineach feadh na bliadhna cuideachd ann an Glaschu.

"Nach e a bhiodh math mòr-ionad a bhith ann far am biodh cothrom ann na rudan sin a bhith ann an togalach a tha stèidhichte a dh'aona-ghnothaich don Ghàidhlig seach a bhith a' dol do dh'àiteachan is ionadan eile anns a' bhaile?

Càite?

"Chaidh bruidhinn air an àite as iomchaidh do mhòr-ionad leis a' bhòrd aig An Lòchran aig a' choinneimh mu dheireadh a bh' againn, agus bha buill a' bhùird den bheachd gum biodh e riatanach nach rachadh mòr-ionad na Gàidhlig air chall anns a' bhaile.

"Bhiomaid a' taobhadh ri àiteachan an seo, taobh an iar Ghlaschu.

"Tha eachdraidh na Gàidhlig air feadh a' bhaile, ri fhaicinn anns na h-ainmean àite gun teagamh, ach an seo ann am Partaig far a bheil na buidhnean air a bhith stèidhichte - tha An Lianag air a bhith an seo bho chionn grunn bhliadhnaichean a-niste, agus tha an oilthigh faisg oirnn.

"Thig ùrachadh air àrainn an oilthighe an ceann greis cuideachd, agus tha sinne aig An Lòchran co-dhiù den bheachd gum biodh Partaig na àite glè iomchaidh do mhòr-ionad.

"'Saoilidh mi an ath-cheum gur e ceisteachain a sgaoileadh agus beachdan nan Gàidheal an Glaschu a thional, agus cuideachd nam buidhnean eile an seo an Glaschu," thuirt e.