Naidheachdan 11:00m

Chaidh dearbhadh gun coinnich am Prìomh Mhinistear ri Theresa May ann an Lunnainn airson còmhraidhean a chumail air Brexit. Tha Nicola Sturgeon ag iarraidh gum bi an SNP mar phàirt de na còmhraidhean eadar am Prìomhaire agus ceannard nan Làbarach Jeremy Corbyn a tha dùil tachairt nas fhaide den là an-diugh.

Aig a' cheart àm tha fear de chuipean an Riaghaltais, Nigel Adams, air a dhreuchd fhàgail 's e mì-thoilichte mu cho-dhùnadh a' Phrìomhaire coinneachadh ri Jeremy Corbyn ann an oidhirp fuasgladh fhaighinn a thaobh Bhrexit. Tha Mgr Adams cuideachd a' cur cùl ri a dhreuchd mar mhinistear ann an Oifis na Cuimrigh, 's e ag ràdh gu bheil am Prìomhaire air mearachd mhòr a dhèanamh ann a bhith a' cumail chòmhraidhean le ceannard nan Làbarach.

Thòisich an t-arm rannsachadh an dèidh do bhideo thighinn am bàrr a tha, a-rèir choltais, a' sealltainn saighdearan a' cleachdadh dealbh de Jeremy Corbyn mar thargaid loisgidh. Thuirt fear-labhairt gun robh a leithid de dhol-a-mach gu tur ceàrr, agus a' tuiteam bho na h-ìrean àrda a tha an t-arm a' sùileachadh bhuapa.

Thabhainn Flybe leisgeul do luchd-siubhail air feadh na Rìoghachd Aonaichte agus maill air grunn sheirbheisean madainn an-diugh air sgàth adhbharan obrach. Chaidh na dusanan de sheirbheisean na companaidh adhair a chur dheth, le slighean a-mach à Dùn Èideann, Glaschu agus Obar Dheathain nam measg.

Chaidh an MOD a chàineadh às dèidh mar a dh'fhailich e orra cuidhteas fhaighinn de 20 bàta-aigeann niùclasach a chaidh a dhì-choimiseanadh o 1980. Thug Comataidh nan Cunntasan Poblach sna Cumantan rabhadh seachad gu bheil cunnart ann gun dèan seo milleadh air cliù na Rìoghachd Aonaichte mar dhùthaich a tha cùramach le a cumhachd niùclasach. Thuirt an MOD gum faigh iad cuidhteas de na bàtaichean-aigeann cho luath 's a ghabhas.

Thàinig àrdachadh faisg air a' chòigeamh cuid air an àireamh de dh'obraichean lannsa a chaidh a chur dheth le NHS na Gàidhealtachd an-uiridh, a-rèir fhigearan ùra. 'S e am ball Tòraidheach airson na Gàidhealtachd ann an Holyrood, Dòmhnall Camshron, a fhuair am fiosrachadh tro cheist phàrlamaidich, 's tha e air iarraidh air ceannardan ùra a' bhùird slàinte dèiligeadh ris an trioblaid.