Fear a bhàsaich an tubaist-rathaid ga ainmeachadh
- Air fhoillseachadh

Chaidh fireannach, 60, a bhàsaich san ospadal an dèidh tubaiste air an A862 eadar Inbhir Nis agus a' Mhanachainn Dimàirt, ainmeachadh.
Thuirt na Poilis gun do bhuineadh Paul Peacock do Chill Targlain.
Chaidh am Volkswagen Golf aige far an rathaid, agus thàinig e gu stad air a mhullach.
Chleachd luchd-smàlaidh uidheamachd ghearraidh gus an duine a thoirt a-mach às a' charbad.
Thachair an tubaist aig Innis a' Bhearraidh mu 1:30f. Chaidh an duine a thoirt a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.
Cha robh carbad eile an sàs.
Tha na poilis ag iarraidh cluinntinn bho dhuine sam bith a chunnaic na thachair.