Co-chomhairleachadh air dìon Àraich Chùil Lodair

  • Air fhoillseachadh
Clach chuimhneachain air Àraich Bhlàir Chùil Lodair

Tha co-chomhairleachadh a' tòiseachadh Diardaoin air mar a bu chòir Àraich Chùil Lodair a dhìon.

'S iad Urras Nàiseanta na h-Alba a tha air a cùlaibh, agus iad ag ràdh gu bheil cunnart ann gum faodadh an làrach a bhith air a sgrios ma thèid leasachaidhean air adhart mu a timcheall.

Tha connspaid air a bhith ann anns na bliadhnaichean mu dheireadh is feadhainn ag iomairt feuch stad a chur air leasachadh taigheadais faisg air an àraich.

Air a' cheann thall, thòisich obair-togail san Damhair.

Leis a' cho-chomhairleachadh seo a' tòiseachadh, tha Urras Nàiseanta na h-Alba ag ràdh gu bheil cunnart ann bho luchd-leasachaidh agus mar a tha gnothaichean an-dràsta, nach eil air làrach air a dìon mar a bu chòir, 's gum faodadh e a bhith air a sgrios.

Dh'innis iad gu bheil iad 'son daoine a thoirt còmhla gus taic a chur ris an àraich a dhìon, agus gu bheil iad an dòchas gun tig beachdan air mar a ghabhas sin a dhèanamh, cho math ri taic a chumail ris a' choimhearsnachd is eaconomaidh ionadail.

Bidh a' cho-chomhairle fosgailte chun an là mu dheireadh den Lùnastal.