Beàrn tuarastail as miosa aig CnES
- Air fhoillseachadh

'S e Comhairle nan Eilean Siar an t-ùghdarras ionadail as miosa ann an Alba a a thaobh na beàirn a th' ann eadar tuarastail nam fireannach agus nam boireannach a tha ag obair dhaibh.
Ged a tha beagan de phiseach air tighinn air an àireamh am-bliadhna, tha am fiosrachadh as ùire bhon Chomhairle a' nochdadh nach eil ach dà ùghdarras ionadail ann an Alba le nas lugha de bhoireannaich ann an àrd-dhreuchdan.
Tha e mar dhleastanas air ùghdarrasan ionadail fiosrachadh a chumail ris an t-sluagh mu dheidhinn mar a tha iad a' cosg an airgid aca, agus mun ìre aig a bheil na seirbheisean a thathas a' lìbhrigeadh.
Thuirt neach-labhairt bho Chomhairle nan Eilean Siar gun robh iad a' feuchainn ri boireannaich a bhrosnachadh cur a-steach airson àrd-dhreuchdan le bhith a' tabhainn trèanaidh ann an ceannas agus dòighean-òbrach sùbailte.