Togalach ùr do luchd-surfaidh an Inbhir Theòrsa
- Air fhoillseachadh

Tha togalach ùr do luchd-surfaidh ann an Inbhir Theòrsa, luach còrr air £150,000 gu bhith deiseil, ach chan fhaighear air a chleachdadh aig farpaisean na h-Alba thairis air deireadh sheachdain na Càisge.
Bidh farpaisich a' strì anns an fharpais nàiseanta an Championship Albannach.
Thuirt Cluba Rotary Inbhir Theòrsa gun tèid an togalach ùr aig Inbhir Theòrsa an Ear fhosgladh air an ath-mhìos.
B' e an cluba a bha os cionn a' phròiseict.
Thàinig tabhartas £120,000 bho phrògram LEADER an EU.
'S e togalach fiodha a th' ann le frasan, taighean-beaga, seòmar coinneachaidh agus stòr.
Tha cuideachd fasgadh do luchd-amhairc mar phàirt den leasachadh ùr.
Tha steapaichean ùra gan cruthachadh sìos chun a' chladaich agus tha raon-parcaidh ùr ann cuideachd.