Caley Thistle a' fastadh àrd-oifigeir ùir

  • Air fhoillseachadh
Caley

Tha Caledonian Thistle Inbhir Nis air àrd-oifigear ùr fhastadh - is esan Scott Gardiner.

Dh'fhàg Yvonne Crook an dreuchd anns a' Mhàrt.

Tha Mgr Gardiner air a bhith an sàs ann an obair a' bhuill-coise roimhe.

Tha e air a bhith aig Hearts, Dùn Dè, Tottenham Hotspur agus aig Rangers.

Tha Caley Thistle a' deisealachadh airson iar-chuairt dheireannach Chupa na h-Alba an aghaidh Hearts aig Hampden Disathairne.

Tha an sgioba aig Iain Robasdan an-dràsta anns an treas àite san Championship.