Smachd ga iarraidh às dèidh bàs iolaire bhuidhe
- Air fhoillseachadh

Tha iolairean-mara air a bhith connspaideach bho chaidh an tilleadh a dh'Alba le luchd-glèidhteachais anns na 1970an, agus croitearan is tuathanaich a' gearan gum bi iad a' sealg uan.
Thathas ag iarraidh barrachd smachd a chumail air an àireimh de dh'iolairean-mara ann an Alba às dèidh mar a thug tè dhiubh ionnsaigh air iolaire-bhuidhe agus uan ann an Earra-Ghàidheal.
Chaidh na h-iolairean-mara a thoirt air ais a dh'Alba à Nirribhidh anns na 1970an.
Tha Dualchas Nàdair na h-Alba ag ràdh gu bheil sgeama aca gus dèiligeadh ri suidheachaidhean den t-seòrsa.
Bha na h-eòin mhòra seo aig aon àm cumanta ann an Alba, ach chaidh an tè mu dheireadh ann am Breatainn a mharbhadh ann an Sealtainn ann an 1918.
Chaidh àireamh bheag dhiubh a thilleadh a dh'Alba à Nirribhidh, gan leigeil ma sgaoil ann an Eilean Rùim ann an 1975.
Thuirt Aonghas MacPhàidein bho Aonadh Nàiseanta Thuathanach na h-Alba gu bheil an ionnsaigh seo a' cur nar cuimhne na cunnartan a th' air a bhith an lùib iolairean-mara, agus an droch bhuaidh a th' air a bhith aca air èiceo-shiostaman bho chaidh an toirt air ais.
Thuirt Dualchas Nàdair na h-Alba gun rinn iad sgrùdadh air an iolair-bhuidhe a sheall gun do bhàsaich e ri linn leòntean bho spuirean iolaire eile.
Thuirt iad cuideachd gum bi an dà sheòrsa iolaire uaireanan a' sabaid ri chèile, ach nach fhaca iad a-riamh suidheachadh far an deach tè aca a leòn gu ruige seo.