Dragh mu sholais na Nollaige
- Air fhoillseachadh

Nochd comhairliche ann an Loch Abar dragh gum fàg gearraidhean gum bi e doirbh do chuid de choimhearsnachdan solais Nollaige a bhith aca am-bliadhna.
Thuige seo, biodh Comhairle na Gàidhealtachd a' cuideachadh le cosgaisean nan solas is bhathas a' toirt seachad taic le luchd-obrach agus uidheamhachd gus an cur ann an àite.
Bidh cosgais ann airson nan seirbheisean sin bho seo a-mach.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gun sàbhail seo mu £8,000 dhaibh.
Thuirt fear comhairlichean Loch Abair is Àird nam Murchan, Anndra Baxter, gur e tamailt mhòr a bhios ann mura bi solais ann tuilleadh.
Dorcha
"Tha e urra ri comhairlichean is coimhearsnachdan a bhith ag obair còmhla feuch fuasgladh fhaighinn an seo", thuirt an Comh. Baxter.
"'S e call a bhiodh ann mura bhiodh na solais ann.
"An Gearasdan ann am meadhan a' gheamhraidh is an t-uisge ann, uaireannan tha e rudeigin dorcha is mosach.
"Tha beagan datha ron Nollaig fìor mhath", thuirt e.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun d'fhuair iad dòigh an-uiridh air cuideachadh le solais Nollaige, ach nach bi buidseat den leithid ann bho seo a-mach.